Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Anna Murray > Out Of The Blue > Am Breacan Uallach
|
Am Breacan Uallach |
| Credits : | Traditional; arranged by Anna Mhoireach |
| Appears On : | Out Of The Blue |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Sèist : | Chorus : |
| Ni mi'm breacan uallach, a-dhiu-bhì | I will take the heavy plaid |
| A' chuir air mo ghualainn, hò-rò-am-bò | And put it over my shoulder |
| A' dhìreadh ris na cruachan, a-dhiu-bhì | I will climb the peaks |
| A' shealltainn air a' ghruagaich mu bheil an fhodhail | To visit the maiden that all the excitement is about |
| Is éibhinn leam an nì mi mar a chì mi nis e | It makes me smile now |
| Mar tha nighean Sìne an an Lag a' Mhilidh | To think of Sine's daughter in Lag a' Mhilidh |
| O'n a fhuair i'n dìleab tha móran mios oirr' | And how, since receiving that legacy |
| Tha gach fear an geall oirre anns a' mhionaid | Every man wants to promise himself to her |
| Chan eil fear 'san àite nach bi 'ga tathaich | There isn't a male in the place who doesn't visit her |
| 'S òrdan aig mo 'mhàthair a bhi 'ga leantainn | With clear instructions from their mothers to pursue her |
| Uilleam aig Caitrìon' agus Peadar Fleming | William, son of Catriona, and Peter Fleming |
| 'S Eachunn againn-fhìn bidh e dol 'n rathad | And our own Hector follows the same path |
| (Sèist) | (Chorus) |
| Na cailleachan air chéilidh 's a taobh an teallaich | The old women, ceilidh-ing by the hearths |
| Togaidh iad beusan gu ruig a' ghealaich | Praise her qualities all the way to the moon |
| Leis na fhuair i 'sheudan nuair dh'fhalbh a seanair | With the store of jewels she got when her grandfather passed on |
| "Is i cho math gu fuaitheal, 's i fuathasach banail" | "She's such an exquisite seamstress, and so terribly comely" |
| Tha seachd-bliadn' deug is còrr bho'n bha i 'fichead | More than seventeen years have elapsed since she was twenty |
| 'S cha robh fear an tòir oirre' chunnaic mise | And never did I see anyone fancy her |
| Gus an d'fhuair i 'n tòrr a bh' aig Fear na Sgriodhaig | Until she acquired the loot of Fear na Sgriodhaig |
| Noigeannan de'n òr a bh' aig anns a' chiste | With nuggets of gold inside a trunk |
| (Sèist) | (Chorus) |
| Am press a bh'anns an t-seòmar gur lìonmhor 'ulaidh | The press in the room bulged with treasures |
| Cuimhneachain bh'aig Domhnall air iomadh curaidh | And souvenirs of many heroes, that Domhnall had |
| Sporan agus cùnndadh a bh'aig Rìgh Uilleam | A purse with some coins that King William had |
| 'S botul 'san robh ùngadh o'n Ollamh Mhuileach | And a bottle of the learned Muileach's medicine |
| Sgian-dubh agus tuagh bh'aig Rob Ruadh MacGreogair | A sgian-dubh and an axe that Rob Roy had |
| Claidheamh a bh' aig Diarmad 's gu'n robh e biorach | Diarman's sword, how sharp it was |
| Clogad a bh'aig Fionn aic' ann agus biodag | A helmet of Fionn's, along with a dagger |
| Agus currachd-oidhche bh'aig Calum Cille | And a night-cap that belonged to St. Columba |
| (Sèist) | (Chorus) |